Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Oisin às dèidh na Fèinne

by Eòghan Stiùbhart

Tha e air èirigh
uair eile
a’ dol a dh'ionnsaigh
na strì

Tha e a’ cuairteachadh
nan gleann
a’ toirt dùrachd do chàch
air an t-slighe

Tha cnàmhan na chruachan
is bun a dhroma
ga dhìteadh mar chuimhneachan
na sìthe

Seo fear a ghlèidh
eachdraidh
’s a shad an t-àm ri teachd
chun an làir

Am buannaich e am blàr
le neart
a dhuanagan no an tuit e
air sgàth cloiche?

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media