Oisin agus an Dabhach NH5740
by Eòghan Stiùbhart
Shreap mi Càrn a’ Bhodaich
thàinig mi taobh Ghlac Oisin
far an do thilg an seann Fhiannach
cnàmh-lurgainn air an Dabhaich, a bhean
mòr, màsach agus mèith
leis gun robh e dall an uair sin
feumaidh nach deach e fon t-Sìthean
air neo nach do thuit e
chun an làir air sgàth na cloiche
’s Pàdraig ga èisteachd
Ràinig mi Càrn na Baintighearna
mus d’ ràinig mi a’ Chaiplich
agus ceithir preachain
an earbaill ghobhlach
a’ cuibhleadh air falbh
ann an liathadh an fheasgair
an iarmailt fosgailte
geur agus gorm
dh’fhalbh iad a’ fàgail an adhair falamh
os cionn na Buaile Dhuibh
mus tàinig feannag air sgeith na h-aonar
mar lurgainn-fèidh air a shlighe dhan Dabhach.
↑