Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Dhèanainn sùgradh ris an nighean dubh

O blaisibh agus faicibh seo gur maith ‘s gur milis Dia (sailm 34 , v 8)

by Babs Nicgriogair

Dhèanainn sùgradh ris an nighean dubh
An dèidh dhomh éirigh moch sa mhadainn
Dhèanainn sùgradh ris an nighean dubh

Dhèanainn sùgradh an àm dùsgaidh
Ri maighdinn ùr na siùil chairtidh

Dhèanainn sùgradh ris an nighean dubh
An dèidh dhomh éirigh moch sa mhadainn
Dhèanainn sùgradh ris an nighean dubh


‘s cha stad sinn a-chaoidh, lom ‘s làn acrais
do bhlas air mo mheuran, m’ aodann nad fhalt
tiugh ‘s teth
milis
thèid sinn fodha

Dhèanainn sùgradh ris an nighean dubh
An dèidh dhomh éirigh moch sa mhadainn
Dhèanainn sùgradh ris an nighean dubh

Fhuair i raoir muigh aig muir mi
ann an seann shoitheach làn tuill
air na creagan, botail timcheall
gun teachdaireachd sam bith nam broinn –
‘s mi a’ lorg talamh tioram

Dhèanainn sùgradh ris an nighean dubh
An dèidh dhomh éirigh moch sa mhadainn
Dhèanainn sùgradh ris an nighean dubh

Is stiùir i dhachaigh mi
suas Hope St ,
ann an dorchadas stoirmeil,
a’strì ri fêidh air an t-slighe,
an t-uisge a’ dòrtadh, gar glanadh ‘s mi glan as mo chiall

Dhèanainn sùgradh ris an nighean dubh
An dèidh dhomh éirigh moch sa mhadainn
Dhèanainn sùgradh ris an nighean dubh

‘S-taigh sa bhlàths, thuit sinn  còmhla
sìos dhan ghràs ,
gar n-aithneachadh
airson a’ chiad uair
you’re one of my kind

Dhèanainn sùgradh ris an nighean dubh
An dèidh dhomh éirigh moch sa mhadainn
Dhèanainn sùgradh ris an nighean dubh

Reef ga ceangal , Reef ga fuasgladh
Muir ma gualainn, fuaim is fead oirr’

   ‘ S tu sgreuchail mar coire a’ goil
‘s mi plosgadh mar trèana-smùid …
gun sgeul air James Watt
Chan ann industrial tha ar n-ar-a-mach a ghràidh –
tha sinne ruith air gaol an àite gual

Dhèanainn sùgradh ris an nighean dubh
An dèidh dhomh éirigh moch sa mhadainn
Dhèanainn sùgradh ris an nighean dubh

Dhèanainn sùgradh ris a’ ghruagaich
H-uile uair a bhiodh i agam

Dhèanainn sùgradh ris an nighean dubh
An dèidh dhomh èirigh mhoch sa mhadainn
Dhèanainn sùgradh ris an nighean dubh

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media