Because the night belongs to us…
by Babs Nicgriogair
Tha na sràidean teth timcheall
a h-uile duine a’ feitheamh ‘s a’ feitheamh
Ri dol fodha na gréine
Amhaich thioram, mionach falamh
A’ gluasad ‘s a’ gearan
An-fhoiseil an -fhoiseil
Ramadan ‘s an t-òg mhìos, ann an Glaschu , tha e doirbh
Tha an latha cho fada
tha m’ fhoighidinn cho goirid
Tha mi feitheamh ort a ghràidh
‘s an t-acras orm
Tha na mnathan timcheall a’ geurachadh an sgeinean
gearradh ‘s mion-gearradh, a’ feitheamh ‘s a’ feitheamh
Ri dol fodha na gréine
Biryiani, Aloo Gobi
Praisean a’ goil ‘s am baile air bhoil
An-fhoiseil an-fhoiseil
Ramadan ‘s an t-òg mhìos ann an Glaschu, tha e doirbh
Tha mi air leughadh ‘s air leaghadh
Leantainn recipe ùr
Tha mi feitheamh ort a ghràidh
‘s an t-acras orm
Taobh a-muigh tha na càraichean a’ casadaich
‘s na boy racers bragail a’ feitheamh ‘s a’ feitheamh
Ri dol fodha na gréine
Gach fear gun cead òl ach dràibhigeadh mar misgear
Brands Hatch a-rithist
An-fhoiseil an-fhoiseil
Ramadan ‘s an t-Ògmhios ann an Glaschu, tha e doirbh
Tha am bòrd deiseil
Àite ann airson dithis
Tha mi feitheamh ort a ghràidh
‘s an t-acras orm
Tha na busaichean làn , tha na solais dearg
‘s tu air an 41 taobh an ear a’ feitheamh ‘s a’ feitheamh
ri dol fodha na grèine
an rathad romhad , teanga fhada dhubh a’ rock ‘n roiligeadh
an-fhoiseil, an-fhoiseil
Ramadan ‘s an t-Ògmhios ann an Glaschu, tha e doirbh
Ithidh sinne le ar làmhan
Gu slaodach, gu sùghmhor
Tha mi feitheamh ort a ghràidh
‘s an t-acras orm