Sgiathan is Sgòthan
by Fearghas MacFhionnlaigh
Sgiathan air mo dhruim as t-oidhche.
Sgòthan stireach mu chuairt mo chuim.
Tlàth-ghaoth fhionnar a’ cniadachadh
m’ aodainn ’s mo dheàrnan sgaoilte.
Gach gaoisnean a’ chait ri lèirsinn
fada fodham sa ghàrradh chiùin
’s i na gurraig a’ feitheamh cho stòlta
ri luch shona shunndach bhochd
no ri famh gheàrr-shùileach chaillte
a nochdas air thuaiream a sròin.