Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Na dèideagan

by Maoilios Caimbeul

Bha a theaghlach cho bochd ri rodan eaglais. Gu dearbh, bha an taigh aca ri taobh na h-eaglais. Bha lòn a-ruith seachad air beulaibh an taighe agus gu fortanach bha craobhan  seilich a’ fàs ri taobh an lòin. Cha robh dèideagan aige mar ghillean eile, dh’fheumadh e na dèideagan aige fhèin a dhèanamh.

Sin carson a gheàrr e slat seilich bhon chraoibh. Bha e a’ dol a dhèanamh saighead; bha e air bogha a dhèanamh mu thràth de phìos maide agus tiùb rubair baidhsagail a fhuair e san dìg, oir bha baidhsagal aig athair. Thug e mach an sgian às a phòcaid agus thòisich e a’ lomadh an rùisg dhen t-slait. Bha e pròiseil às a sgian. ’S e tè a bh’ innte a ghabhadh dùnadh agus cur na phòcaid. Bha i feumail airson tòrr rudan mar a bhith a’ dèanamh bogha agus saighead no a’ gearradh sreang.

Rinn e an t-saighead fichead òirleach a dh’fhaid. Dh’fheumadh i a bhith an fhaid sinn airson tarraing mhath fhaighinn air a’ bhogha. Ach bha aon rud fhathast a dhìth. Dh’fheumadh cuideam a bhith air aon cheann dhen t-saighid air neo cha sheòladh i uabhasach fada. Fhuair e pìos pìob luaithe a bha luchd an dealain air a bhith cleachdadh nuair a bha iad a’ cur an dealain dhan taigh aca. Gheàrr e pìos luaithe bhon phìob agus stob e e air aon cheann dhen t-slait. Bha e a-nis deiseil airson a’ bhogha fheuchainn.

Bha e a-muigh sa ghàrradh nuair a bha e a’ dèanamh seo agus ann am preas fiùise a bha faisg air làimh bha brù-dhearg na shuidhe air geug agus mar gum biodh e le a shùil bheag bhiorach a’ coimhead air. Air a shocair chuir e saighead sa bhogha agus chuimsich e air a’ bhrù-dhearg, ach a cheart cho luath chuir e sìos am bogha. Ciamar a b’ urrainn dha a bhith cho suarach, eadhon a’ smaoineachadh air a leithid. Sheas a’ bhrù-dhearg far an robh e mar nach biodh eagal air. Chùm iad a’ coimhead air a chèile.

Chuimhnich e mar a chunnaic e caraid  sgoile dha a’ breith air cuileag agus a’ toirt nan sgiathan dhith agus nan casan. Bha e air a sgreamhachadh. Ciamar a b’ urrainn duine sam bith siud a dhèanamh agus carson? Bhòidich e sa mhionaid sin nach biodh e dona dha beathach gu bràth.

Chuala e urchair gunna bho thaigh nàbaidh a bha mu shia ceud slat air falbh. Gu leamh dha, bhiodh e uaireannan a’ cluinntinn na h-urchaire ud. Rinn e dragh dha gun robh gunna aig a nàbaidh agus gum biodh e a’ marbhadh eòin, ’s chan eil fhios dè eile.

Chuala e guth air a chùlaibh. ’S e Ailean, gille dhen aois aige fhèin a bh’ ann a bha a’ fuireach trì croitean air falbh.

“Haidh, dè th’ agad an sin?” Thug e sùil air a’ bhogha.

“Och, dìreach bogha a rinn mi.”

“Tha e math, dè bhios tu a’ dèanamh leis, a’ marbhadh eòin?

Thàinig rudhadh na ghruaidhean. “Cha bhi idir.”

“Dè feum a th’ ann ma-thà?”

Mhìnich e gum biodh e dìreach a’ feuchainn dè cho fad ’s a dheigheadh an t-saighead.

“A bheil thu ag iarraidh shot?”

Bha iad greis a’ cluich a’ feuchainn cò a b’ fhaide a chuireadh an t-saighead. Mu dheireadh dh’fhàs Ailean sgìth dhen chleas agus bha aig Seumas ri innse dha nach robh dèideagan eile aige. Thug Ailean cuireadh dha a thighinn gun taigh aigesan gus am faiceadh e na dèideagan aige. Chaidh iad a-null gu taigh Ailein.

Chan fhaca Seumas riamh leithid a dhèideagan. Càraichean, plèanaichean, gunnaichean, breigichean airson rudan a thogail agus iomadh rud annasach eile. ’S e plèana mòr le solais a dhèanadh priobadh an dèideag mu dheireadh a bha e air fhaighinn.

“Nach eil am plèana seo math,” ghlaodh Ailean.

“Bha aig Seumas ri aideachadh gun robh.” Bha iomadh rud aig a charaid a bha math.

Chluich iad airson uair a thìde no dhà leis na dèideagan agus an uair sin thill Seumas dhan taigh aige fhèin. An oidhche sin, nuair a chaidh e dhan leabaidh bha deòir na shùilean. Carson a bha leithid de dhèideagan aig aon duine agus gum feumadh esan na dèideagan aige fhèin a dhèanamh?

Ach mus do thuit e na chadal chuimhnich e gur e Ailean a bha a’ toirt nan sgiathan agus nan casan dhen chuileig bheò. Chuimhnich e air a’ bhrù-dhearg agus mar a bha e a’ coimhead air le a shùil bheag bhiorach, cho ionraic. Agus smaoinich e gum b’ fheàrr leis a bhith mar a bha e na mìle dèideag a bhith aige.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media