Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

‘Is aoibhinn cumadh nan dàn...’

by Niall O’Gallagher

Is aoibhinn cumadh nan dàn
’s e mo thlachd, mo thoil-inntinn,
ge b’ oil leis an duilleig bhàin...

Nach suarach do dhuanag gràidh –
is truagh i agus dìblidh!
Is aoibhinn cumadh nan dàn...

Dè d’ aotromachd ron a’ chràdh,
ro làn-truimead na fìrinn’?
Ge b’ oil leis an duilleig bhàin,

tha mi air mhire leis an spàirn...
A thruaghain, thruaghain fhilidh!
Is aoibhinn cumadh nan dàn...

Do cheilearadh na chùis-nàir’!
Bidh dàn agam dom rìbhinn
ge b’ oil leis an duilleig bhàin.

Och, a-nis tha mi gun tàth,
’s mi tha claoidhte, làn sgìthis.
Is aoibhinn cumadh nan dàn
ge b’ oil leis an duilleig bhàin.

        9mh den Chèitean 2019

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media