Air Acair
by Deborah Moffatt
feasgar ciùin foghair
’s tu air do shlighe dhan bhaile,
uisge rèidh a’ bhàigh na theine
fo ghathan fada na grèine,
bàtaichean nan iasgairean
air acair faisg air a’ chladach,
’s thall aig beul a’ bhàigh
bàta beag coimheach,
bàta bochd meirgeach,
bàta gun bhratach, gun ainm,
gun ach aon fhaoileag na laighe oirre
a’ cumail faire san oidhche,
mànran ’s cànran
anns an taigh-òsta,
beachdan ’s fathannan
mun a’ bhàta ’s a sgioba –
coigrich a bhios annta,
sgapte a-nis air feadh a’ bhaile,
luchd-imrich, no fògarraich,
mèirlich, no cùiltearan,
’s sin thu, a’ coimhead air an sgàthan,
a’ coimhead air d’ aodann fhèin
mar nach eil fios agad cò thu
no cò às a thàinig thu,
iargaltas na tìre air do chùlaibh,
aodann na h-aibheis air do bheulaibh,
sàl nad fhuil, ùir nad chnàmhan,
an làr a’ tulgadh fo do chasan.