Na Geòidh
bhon Bheurla aig Mary Oliver
by Greg Macthòmais
Cha ruig thu a leas a bhith math
Cha ruig thu a leas màgarsaich nas motha,
fad ceud mìle tron fhàsach, aithreach.
Chan fheum thu ach leigeil le beathach bog na bodhaige
a ghràdh fhèin a ghràdhachadh.
Nach innis thu dhomh mun eu-dòchas,
do sgeul fhèin, is innsidh mise mo sgeul-sa,
fhad 's a chuireas a' chruinne car,
fhad 's a shiùbhlas grian is dòrnagan glan an fhrois thar àrainnean,
thar mhachraichean, thar chraobhan domhain,
thar bheanntan is aibhnichean,
fhad 's a thilleas na geòidh,
shuas san iarmailt ghlan, ghorm dhachaigh a-rithist.
Às bith cò thu, às bith cho aonaranach 's a tha thu,
tha an saoghal ga thairgsinn fhèin do do mhac-meanmna,
gad ghairm mar na geòidh, cruaidh agus dùsgach
- gad fhoillseachadh a-rithist is a-rithist,
is tu ann an co-chomann leis a h-uile nì.