Gun idir a shireadh
by Màrtainn Mac an t-Saoir
Àite, can
ged nach dèan ‘àite’, no ‘staid’, no ‘creag chas’ ach na h-uimhir aithris.
Nach eil thus’ ann, chan eil teagamh,
thusa - thu fhèin, chan ann leat fhèin – ro fhada.
Oir, nochdaidh feareigin, ri ùine bhig – tiota de thìm shaoghalta,
Beiridh e – (cha bheir) – togaidh e, gu sìobhalta, do làmh na làimh-san
Sìoda a shìneas tusa, dhad dheòin, cuimhnich, dha fhèin, ged nach fhada.
‘Bu ro-bhog an grèim-geallaidh’ thuirt thu.
Cha bu mhò lean trusgan an fhìnealtais.
An iar air? Thug, feumaidh.
Ghabh thusa rathad an ear.
Chìthear ur faileasan ged-thà;
air ais a-sin - nan laighe: ball-fo-alt-fo-bhall
a’ sìor chànran - cion ciùineis, dìth uaisleachd
gun aidich iad, ri ùine mhòir fhathast, le cràdh do-labhairt,
gur e an dubhar fhèin an aon fhìor chipean -
ach cho beag, ’s a tha ris dheth,
os cionn na talmhainn.