Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Eunlaith

by Fearghas MacFhionnlaigh

Ghoid starrag
marag.

Rinn lachan
lachan-gàire.

Bha geòidh
air an dòigh.

Plaosg gàire
air naosg.

B' annsa le buthaid
dannsa.

Cheil breacan-beithe
fo mheacan-slèibhe.

Chaidh lon-dubh
fo lionn-dubh.

Bha fraoch feirge
air coileach-fraoich.

Bha corra chorra
air corra-biod.

Chaoin traoin
gu gearradh-goirt.

Chriom clamhan coma
cnàmhan sgapte.

B' fheàrr leis an iolair
biolair.

Bha an eala bhàn
loma-làn.
Laigh sàmhchair bhalbh
air an sgarbh mharbh.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media