Chuir mi mo cheann
by Fearghas MacFhionnlaigh
Chuir mi mo cheann
sa mheurag
ach bha i ro theann
Chuir mi mo cheann
sa phìoba
ach bha mac-talla ann
Chuir mi mo cheann
sa fridse
ach bha e fada ro fhuar
Chuir mi mo cheann
sa phreasa
ach bha cus chòtaichean ann
Chuir mi mo cheann
sa challaid
ach fhuair mi sgròb ghoirt
Chuir mi mo cheann
sa mhuir ach bhìd
crùbag chrost’ mo shròn
Chuir mi mo cheann
sa ghainmheach
ach rinn mi casadaich
Chuir mi mo cheann
sa chidsin
ach chaidh trod rium
Chuir mi mo cheann
sna sgothan
‘s bha mi air mo dhòigh ghlan.