air an rathad
by Aonghas MacNeacail
air an rathad a ghabh sinn an-dè
cha robh dìg eadar a' chabhsair
agus na raointean farsaing feòir
air am biodh sprèidh a bhaile 'g
ionaltradh - bha crodh ann, ach
cha b' aithne dhuinn a chèile, oir
b' ann a’ tadhal a bha mise, air na
faileasan nach robh ag ràdha aon
ghuth mu na làithean a bh' againn
's cha tigeadh aon gheum eòlach
à clach fhuar - nach bu siud mar
a bha mealladh nan cleoc a' toirt
beatha thaibhseil dhan bhruadar
a dh'èirich à deòin gun cumar
beò an fheuraich far an dèanadh
fleasgach is ainnir iomairt thioma
air suirghe luideil inntreadh, mar
gun robh iad arranta, cinnteach,
ach bha sinne, nise, màirnealach
mall, buailteach sealltainn cùl na
sgeòil, feuch nach eil an dìg ann
mar a b' àbhaist, ach cuibhrigte
le plaide fighte feòir