Soitheach nan Daoine
by Deborah Moffatt
chualas nuallan na gaoithe ’s onfhadh na mara,
sloisreadh garbh nan tonn air slige na luinge,
placadaich nan seòl ’s bragadaich nan sgòd
Grùla ’s Brunnal,
’s dà chnoc Scarrail,
ann an dubhar an tuill cha robh ach rànaich ’s rànail,
osnaich is acain, guidheachan ’s mionnachadh,
èigheachd fhiadhaich ’s crònanaich dhòlasach
Làg nam Bò,
Àirigh MhicLeòid,
fàileadh na mara, sàl ’s deòir, fallas ’s mùn,
fàileadh an eagail, a’ ghalair ’s a’ bhàis,
fàileadh nam beò, fàileadh nam marbh
Beinn Thota Gormshuil
nam fear sgiamhach,
thuirteadh gun robh an long a’ dol
gu Carolina a Tuath, tìr nan coille
nach teirig gu bràth
M’ ionam ’s mo chiall
Beinn Dubhagraich
ach tha mi a-nochd ann an Àird Ulaidh, tìr ghlas
nan achaidhean rèidh, ’s far am bi mi fhìn
’s ann a bhios mo chiall.