Fuachd umha m’ fhallais
by Dàibhidh Eyre
Nam sheasamh air bonn na glinne
sna h-Ailpeannan. Ann an lios
tha flùraichean ruadha,
purpaidh, buidhe, geala
agus achadh
làn fhàileadh na costaige.
Bòidhchead.
Aoibhneas.
Sìth.
Ach choimhead mi an-àird gu Mont Pourri,
a chaidh a bhuannachadh le sreapadairean
san naoidheamh linn deug,
agus chuala mi na clagan troma
a bha timcheall mhuinealan nam bò -
agus bha mi air ais mìle bliadhna
aig bonn na h-eighe mòire,
’s i a’ gearradh a’ ghlinne bhon talamh,
agus cuideam an t-saoghail fhuair, ghil sin
a’ laighe orm gun mhaitheanas.
Agus bha mi gun chomas gluasad -
reòthte agus dall -
’s mi a’ faireachdainn
fhuachd umha m’ fhallais
nam shùilean
agus air cùl m’ amhaich fhèin.