Bean Phàdraig
by Aonghas Pàdraig Caimbeul
Na sgonaichean
teth air a’ ghreideil
agus cù a’ comhartaich fad’ às.
‘Ith suas’ thuirt i.
‘Siuthad a-nis, ith suas.’
An t-Òban
Thàinig Harold Wilson dhan bhaile,
còt’-uisge geal air agus pìob na dhòrn
ach fhad ’s is cuimhne leam
cha do chuir iad chariot òr
sìos gu Combie Street
far an robh Iain còir
a’ toirt fa-near nan lilidhean
nan uile ghlòir.