Air Tràigh Dhòrnaich
by Fearghas MacFhionnlaigh
Ceann slìom ròin
gu h-obann os cionn nan tonn
ach chan ann idir cho fìor àrd ri bathais
ìomhaigh mhòir sian-lìomhte Diùc Cataibh
air a’ chnoc chian ud mar fhamhair ri faire
le sùilean-cloiche spìocach gun aithreachas.
A-nuas sròn chrom leòmach a’ dùr-amharc
ris an tìr seo a mhion-phronn a dhòrn teann,
ri lìonmhorachd nan ìochdaran bochda
air na rinn e dìmeas, gun iochd a nochdadh
ach le crathadh-guaille reasgach gan sgapadh
mar ghainmheach sa ghailleann ga greasad
mar na mìltean de ghràinean nan siaban
a chì mi ag èirigh a-nis mu mo chasan
gan sìor thogail gun chiall às an àite
gan sìor leagail gun rian san t-seòl-mhara.
Ach tha spìc-dealanaich mar bhuaic air a’ chlaigeann
a nì coinneal-cuimhne dheth là dhe na làithean.
Thèid d’ ìomhaigh rìomhach a thalmhachadh fhathast!
↑