A’ leughadh sna làithean saora
July 2018, an Àird Bheag
by Meg Bateman
Ann an taigh gun dealan
agus buidheach dhen chuairt an-dè,
cleachdaidh sinn solas na maidne
gus leughadh – ceithir cinn òga bhàna
’s mo cheann-sa liath
crùbte thar ar leabhraichean.
Tha sinn còmhla ach fa leth,
aig amannan diofraichte,
an àiteachan diofraichte –
Howard’s End, Baile Naoimh Pàdraig,
Iapàn …
Aig ar casan, dà chù is cat,
na cluasan a’ priobadh ri crònan cuileig,
ris gach duilleig ga tionndadh.