A Cheart Chuairt
by Màrtainn Mac an t-Saoir
’S ann a’ ruith na ceart chuairt a tha sinn
ged a dh’fhaodamaid a ruith na b’ fheàrr:
dh’fhaodte an t-astar a thomhas le barrachd faicill
gun uiMhir a chiont air ar n-anail.
Dh’ fhaodadh aire na bu mhotha
a bhith againn air na h-iongantasan timcheall oirnn:
saoghal gun tìm seach na h-uairean goirid rin gearradh no an call no am mealladh le aois.
Dh’ fhaodamaid colainn nach robh cho coimheach a chosg
àireamh na b’ fhìrinniche a phrìneadh air ar broilleach – le taghadh mu a bhrìgh – agus nochdadh san aon sunnd ge b’ e an t-sìde gus glaodhaich dhan fheadhainn a bhios ri call, a tha a’ toirt droinneadh air an fheadhainn a bhios ri buinnig, gun faighneachd ciamar no mun latha air am bi an ath chuairt.