Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Cath nam Bàrd

by Coinneach Lindsay

ESAN: Thoir dhomh bàrdachd a tha soilleir is dìoghrasach;
Thoir dhomh ealan a tha so-thuigse ach innleachdach.
Bruidhinn rinn uile ann an dòigh a tha pongail.
Innis dhuinn an fhìrinn is leig fios dhuinn gur e sin a th’ ann.

ISE. Thoir dhomhsa bàrdachd làn fhuaim is chruadal,
Le spionnadh gun chiall a bhios caithte air na h-aineolach.
Oir tha sinn uile beò ann an saoghal a tha faoin;
Ma nì thu ciall dhith, dh’innseadh tu breug.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media