An Runnach
by Liam Alasdair Crowe
Ciamar a dh’ionnsaichinn dhut am facal runnach
Gun a chomharrachadh aig oir Loch Chill Donnain,
Far an do dh’ionnsaich mi fhìn i
Agus mo nàbaidh ag innse sgeulachd a h-òige
Mu a màthair a’ toirt rabhadh an Smeircleit
‘na tig faisg air an runnaich’?
Ciamar a dh’ionnsaichinn dhut sùil-chruthaich
Às aonais mìneachadh Iain Iòsaiph
Gur e th’ ann ach sùil dhan chruthaidheachd
A chì thu fhèin ma thig thu na comhair?
Nan ionnsaichinn dhut làthach,
An e ciall an taobh siar a dh’aisigeas mi –
Greim gainmheach a shluigeas tu sìos;
No ciall an taobh sear de pholl
Làn feamad, dhuilleag is eabar?
Agus ciamar a dh’ionnsaicheas mi dhut
Mar a thàinig am Prionnsa air tìr
Gun sealltainn dhut cuach a shàile air a’ Choilleag,
Agus a’ seinn ‘moch sa mhadainn ’s mi dùsgadh’
Ann an Dùthaich Chlann Raghnaill?
Ciamar a dh’ionnsaicheas mi dhut do dhìleab daonnda
Agus Gàidhlig nan Gàidheal,
Agus tu am baile mòr air Ghalltachd?