Ag Òl Cofaidh anns a' Chathadh
by Caoimhin MacNèill
Tha mi nam sheasamh anns a' chathadh,
's na bleideagan a' plumadh sìos dha mo chofaidh.
Bha mi saobh, uaireigin, saobh-sgeulach,
saobh-mhiannach. Bha mi a' gabhail cofaidh
le siùcar, le ruma. Soraidh leis a' mhìlseachd;
soraidh leis a' phuinnsean. Chan iarr mi air
a' bheatha seo ach maitheanas a thoirt dhomh
's mi nam sheasamh an seo sa chathadh àlainn.
The Blizzard
I stand in the blizzard.
Snowflakes whirl into my coffee.
I was once mad, false tongued,
craving vain things. I drank coffee
with sugar, with rum. Farewell, sweetness.
Farewell, poison. I ask only forgiveness.
I stand in the lovely blizzard.