dà phoit bhig
by Iain S Mac a’ phearsain
dh’fhàg iad dà phoit bhig air bhàrr
a’ phreas ud:
preas ann an taigh ‘ùr’ air màl nach fhac’ an leithid roimhe.
a’ chlann agam fhìn air iasad, cha mhòr,
a’ siubhal a-mach ’s a-staigh on taigh sa:
mar dithis chluicheadair iomain air streang fhada mhòr.
is air an oidhche, ’s mi leam fhìn is àsan air ais aig an taigh mhòr,
crùbaidh mi sìos mu choinneamh an dà phoit chrèadha a rinn ’ad fhèin:
is mi gan adhradh mar phàganach air beulaibh altar a shinnsearan
chèin.