Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Na Cumhaichean as Fheàrr airson an Dàn seo a Leughadh

by Pàdraig Macaoidh

Bidh thu ann an cuisle, air do chòmhdach gu tur
ann an geal suaicheanta, a’ siubhal le corra mhìle
de do luchd-eòlais as fhaisge
    
gu rudeigin coltach ri solas,
seagh, adhbhar, math coitcheann.    
Bha thu trup nad fhàireag, nad chnàimh,

agus a dh’aithghearr bidh thu, ann an extremis dàilte,
nad aonar. ’S math dh’fhaodte gur h-e seo do bhrìgh.
Cha tèid a chur an céill nad fhaclan fhèin.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media