Dìblidheachd Mhic an Duine*
by Alasdair Caimbeul
O! Cò e mac an duine, dè a nàdar?
Tuigidh boiteag dhall na talmhainn;
Chì clamhan ruadh na h-iarmailt shuas
A làrach thruaillte breac le dì-meas.
Sruthan coma, pròiseil smuain,
A’ crìochnachadh is a’ cruthachadh,
A’ crìochnachadh is a’ cruthachadh,
Nan tèarmainn dhaingeann, dhùrachdach fhèin.
Gach cinneadh is treubh air caochladh
Dhòigh a’ sireadh is a’ crìonadh linn
Thar linn fo shoillse grèine is magadh aoise,
’S mìrean cumte, crèadha iad air fad.
Am fianais gnìomhachd threun a làimhe
Èiridh muir phràmhach, ruaimleach, fhàs;
Thig Faoilteach aognaidh, fada, cruaidh
Mar thoradh air àrdan, faoin nan sonn.
Ma thuiteas deur o shùil a’ churaidh,
Reothaidh e mus ruig e talamh;
Èiridh na cuantan uile mar aon
Gluasadan na cruinne nach èist ri a rùn.
Nàdar fhèin mar sgàthan gun fhiaradh
A sheallas dha fìreantachd a bheusan;
Reusan, gràdh is teagamh nam pìosan,
Gathan guineach, a thàirnean ceusaidh.
Dlùth ri neoni tha gach nì,
Ar ceann-uidhe, crìoch gach uile sligh’;
Crìochnaichte aig àm a bhreith
A neonitheachd nach tig gu bith.
Ri dealbhadh is ri cruthachadh
Ri togail chàrn air slèibhtean bruadair;
A shaothair mar mhaoim a thig na mol
Air a chnàmh le buillean buan na mara.
A dhìleab: fàsach glas gun chomharra
Air a choibhneas is a chùram; gun ach
Balbhachd is breòiteachd is carraighean
De ghainmhich nach fhuirich nan aon
A dh’fhalbhas tro a chorragan nan sgaoileadh.
Neo-bhuan is sleamhainn a ghrèim
Air gach nì a dhealbhas is a thogas e;
Mu dheireadh tuitidh e: air a ghlùinean.
Cò chuireas làmh air a ghualainn?
Cò bheir taic dha na chàs sìorraidh?
Cò thig thar balla reusain?
Cò nì beatha dha à uisge is gainmhich?
Air oir a’ chuain air Latha Luain
Thig monmhar, thig bàirlinn, thig
Garg stoirm is gailleann gar gairm.
Air oidhirpean dhaoine cha bhi cuimhne.
Ann am meadhan brùideil na doininn
Thig soillseachadh à neonitheachd ar cridhe:
Sàl na mara le frasadh fuar a’ cur deòir
Nar sùilean agus dòchas fionnar nar beòil.
Thig grian a loisgeas dubhar nan sgòth
A sheallas neo-bhrìgh ar n-uile ghnìomh;
Ann an taisbeanadh do-labhairt naomh
Thig teachdaireachd air clàr na tràghad.
Na feuch ri boinnean neo-chrìochnach a’ chuain
A chunntadh no a chur nad lìon.
Dearc air iomlanachd an taibh
Nach tig fo rian do chèille no do smuain.
Chan eil cainnt ann a bheir freagairt dhut,
Chan eil ann ach sealladh air a’ chuan.
À doimhne ghorm an uisge
Thig gràdh is gràs nach tig gu crìch.
*Mar fhreagairt air ‘Mòrachd Dhè’ le Dùghall Bochanan
Dàin Ùra le Maoilios Caimbeul