Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Bàgh na Pàirce Bàine

by Iain S Mac a’ phearsain

far chosta Aondraim
còrr is fichead mìle
thar a’ chuain
chì thu Ìle
mo shluaigh sgapte
bhuam fhìn…

is bristidh na tonnan
le mòr-fhuaim
na mara cèin,
a’ sluaisreadh mo chuimhne
aighear, threun…

’s nan gabhadh a ruigsinn
ann am prioba na sùla
no ann an tionndadh drèin

cha b’ e ruith ach leum,
rùisgte,
a-staigh leam
gu Sruth na Maoile
gus an tiginn a-mach beò
mu Mhaol na h-Obha

gus an snàmhainn
gu rèidh
gu Loch an Dàil
gus an snàiginn a-null
gu feòlmhorach
gu Cille Chomain
gus mo dhruim ’s mo chom
a thiormachadh
air tràigh na machrach buain…

is mo chasan-sa
stobte, frionasach
sa ghaimhnich
shiaraich, theth

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media