A’ cuimhneachadh
by Maoilios Caimbeul
A’ cuimhneachadh air a’ ghille
a bha smaoineachadh gur e smaoin
mothachadh, ach bha an saoghal
a’ dol timcheall agus fhuair
e a-mach mu dheireadh nach e
smaoin a tha idir a’ riaghladh
beatha no deireadh làithichean.